An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Clàrsach"

Content deleted Content added
b corr using AWB
 
(4 mùthaidhean eadar-mheadhanach le 2 chleachdaiche eile nach eil 4 'gan sealltainn)
Loidhne 19:
==Eachdraidh-shòisealta na Chlàrsach==
 
Thathar a smaoineachadh gu bheil a’ Chlàrsach ’na h- ionnstramaid ciùil a chaidh a cruthachadh ann an Alba fhèin às dèidh dhan ‘Lyre’ Èirinneach a’ tighinn a-nall thairis anns an ochdamh no naoidheamh linn. Tha sinn a’ faighinn am fiosrachadh seo bho na clachan [[Cruithneach]] gu math aosta ann an Alba le dealbhan den Chlàrsach orra. Bha a’ Clarsach cuideachd air a cluich anns na h-eaglaisean còmhla ri duine a seinn le guthan agus Pìoban Tri Fillte. Stad seo nuair a thòisich an Musick Fyne. Rinn an eaglais seo airson na daoine a bhrosnachadh a bha a’ tighinn dhan eaglais. B’e droch rud airson na Clàrsaich a bha seo, oir mòran de na leabhraichean far an robh an ceòl air a sgrìobhadh sìos, chaidh iad an cur dhan teine.
 
An t-àm a b’ fheàrr aig a’ Chlàrsach b’ e àm [[Tighearnas nan Eilean]] eadar an ochdamh linn agus an còigeamh linn deug. Bha Clàrsair aig a h-uile Ceann-chinnidh aig an àm agus bha iad ann còmhla ri na bard a’ dèanamh òrain agus puirt airson a’ Cheann-chinnidh agus a’ theaghlach. Cha deach mòran de phuirt na clàrsaich a sgrìobhadh sìos aig an àm seo agus tha smaoin ann gun robh mòran de na Clàrsadairean dall. Bha iad ag ionnsachadh ceòl bhon cluasan an àite bhon phàipear aig an àm agus cò na b’ fheàrr aige seo na duine dall. Bhiodh an teòirig seo a mìnicheadh carson nach eile mòran againn sgriobhte ann an latha an-diugh. Nuair a bhris Tighearnas nan Eilean sìos chaidh a’ Chlàrsach fhathast a cumail beò gu meadhan na seachdamh linn deug ach chan eil sin a’ ciallachadh gu robh a h-uile rud ceart gu leòr. Thòisich na teaghlaichean Clàrsair a gluasad a-steach gu obraichean eile oir cha robh obair gu leòr ann a-nis.
 
B’ e [[Ruairidh MacMhuirich "An Clàrsair Dall"|Ruaidhri Dall MacMhuirich]] aon de na ceann-chinnidh tradaiseanta mu dheireadh: Iain Breac. Bha [[Na Seumasaich|Aramach nan Seumasaich]] agus ‘Anglicization’ a cur crìoch air an seann dòigh bheatha a bha aig na ceann-chinnidh is na daoine aca. Bha seo a dèanamh buaidh mòr air na Clàrsairean oir cha robh airgead gu leòr aig na cinn-chinnidh a-nis airson Clàrsairean a phàigheadh. Bha Ruaidhri Dall a chur mòran fhaclan ùra gu na h-òrain aosta ach, thathar a’ smaointinn gu e ceòl aosta a-mhàin a bha e a’ cluich air a’ Chlàrsach. Chaidh cuid de na h-òrain aige a toirt thairis dhan bheul-aithris. Tha fhios again nach eil iad an aon rud ’s a bha aig an àm oir tha tri ceud bliadhna air a dhol seachad, ach tha iad fhathast a’ toirt sealladh a-steach cò-ris ’s a bha puirt na Clàrsaich coltach. Chuir an aramach ann an 1745 a h-uile nach-ciùil ann an àite corrach agus às dèidh sin bha daoine dìreach ga cluich ann an còmhlan agus bha ceòl na Clàrsaich a’ dol air chall. Bha an dà rud seo a’ toirt a’ mhòrchuid den choire airson crìonadh na Clàrsaich ach cuideachd bha ionnstramaidean ciùil na b’ fheàrr ann airson na aighear nan daoine a togail suas ann am blàr agus cha robh a’ Chlàrsach làidir agus fuaimneachd gu leòr airson a dhol ann an co-fharpais ris a’ [[Pìob Mhòr|Phìob]]. Cuideachd bha an [[Fìdheall|Fhidheal]] a’ dol suas ann am meas nan daoine oir bha i air a cluich airson dannsaichean agus cha robh e fada gus an robh i na bu fèillear na a’ Chlàrsach.
 
==Atharrachadh na Clàrsaich thairis air na bliadhnaichean==
Loidhne 37:
==Ùr-bheòthachadh na Clàrsaich==
 
Gheibhar leabhraichean-ciùil leis an t-ainm Ap Huw agus leabhair Edward Bunting ‘Ancient Music of Ireland’ (1840) a tha a’ sealltainn an follamhan a bha aig a’ Chlàrsach anns na lathaichean a chaidh seachad . Thàinig na leabhraichean seo dìreach aig an am ceart airson a’ Chlàrsach oir bha seo dìreach mus do bhris tradaisean ceòl na Clàrsaich agus tha seo a’ ciallachadh gu bheil clàr again a’ sealtainn mar a bha an ceòl anns na làithean sin. Mar eisimpleir, tha iad a’ sealltainn nach robh an bun-loidhne dìreach airson chòrdan ach airson ruithean is trìaran agus bha na chòrdan a tha sinn a’ cleachdadh san latha an-diugh gu math ainneamh aig an àm. Gu fortanach airson na Clàrsaich tha ceangal làidir ann eadar ceòl aosta a’ Chlàrsach agus ceòl na Phìob agus tro seo tha cuid den ceòl na Clàrsaich beò fhathast. Tha ceòl na Fìdhle agus an Lute a ruith gu nàdarra air na Clàrsaichean aosta agus a’ lìonadh beàrn cudromach ann an eachdraidh ceòl na h-Alba. Rinn Alison Kinnard agus Keith Sanger tòrr rannsachaidh air eachdraidh na Clàrsaich agus lorg iad ceòl, fianais agus làmh-sgrìobhaidhean a bha a’ sealltainn a’ ceangail seo.
 
Bha cuideachadh a’ tighinn airson a’ Chlàrsach bho àite neònach. Bha co-fharpais ann an [[Lunnainn]] ann an 1832 airson nam Pìobairean agus nuair a thòisich iad co-fharpais airson na Fhìdhle cuideachd thuirt Captain Mackenzie gum biodh e math nam biodh iad a’ toirt misneach dhan Chlàrsaich cuideachd. Gu mì-fhortanach cha do thòisich iad an co-fharpais airson na Clàrsaich ach b’ e ceum anns an àite ceart a bh’ ann. Às dèidh seo thòisich a’ chiad ‘Irish Harp Society’ ann an [[Èirinn]] agus bho seo thòisich sgoilearan a thighinn airson a’ Chlàrsach a ionnsachadh. Ann an 1892 thòisich na co-fharpaisean aig a’ [[Am Mòd Nàiseanta Rìoghail|Mhòd Nàiseanta Rìoghail]] agus bha an Lord Archibald an ceann-suidhe ag iarraidh a’ dèanamh ath-bheòthaich airson na Clàrsaich. Bha a’ chiad co-fharpais airson an òrain a b’ fheàrr le taic fhèin air a’ Chlàrsach. Bha dìreach dà fharpaiseach air a’ bhliadhna sin ach bho seo thòisich e a’ fàs. San latha an-diugh tha latha sònraichte aig a’ Chlàrsaich anns a Mhòd.
 
== Clàrsairean ainmeil ==
* [[Loreena McKennitt]]
* [[Moya Brennan|Máire Ní Bhraonáin]]
* [[Toirdhealbhach Ó Cearbhalláin]]