An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Clàrsach"

Content deleted Content added
b Tillte deasachadh aig Calumcille ais ri lethbhreac mu dheireadh le Creachadair
litreachadh, rv vandalism
Loidhne 9:
Se orghan-ciùil teudach trì-cheàrnach a th' anns a' chlàirsich neo a' chruit.
 
Mar as trice, bidh teudan na clàirsiche ag éirigh gu dìreach a cuim na clàirsiche. Bidh '''teudan''', '''com''' agus '''corr''' air a h-uile clàirsich ach cha bhith '''làmhchrann''' oirre daonnan. Canar '''clàirseachclàrsach thrì-ballach''' ri clàirsich aig a bheil làmhchrann agus '''clàirseachclàrsach dhà-bhallach''' ri té aig nach eil làmhchrann. Bidh cuid de chlàirseachan gan seasamh air an ùrlar agus cuid eile gan cuir ann an uchd a' chlàirseire, a-réir a' mheud. Faodaidh teudan chlàirsiche a bhith de dh'umha, de chopair, de dh'fheòil caolain, de chalg, de shìoda neo de nylon, am measg rudan eile. Canar '''clàirseire'''/'''bana-chlàirseire''' ri neach a sheinneas a' chlàirseach.
 
Gheibhear caochladh sheòrsachan de chlàirseachan air feadh Afraigea, an Roinn Eòrpa, Aimeirigea agus roinnean de dh'Àisea. B' àbhaist seasamh àrd a bhith aig a' chlàirsich agus an '''liora''' am measg a' chuid a bu mhotha de chinnidhean an t-saoghail. Anns an roinn Eòrpa, chaill a' chlàirseach a seasamh tràth anns an 19mh linn oir shaoil sgrìobhadairean ciùil gur e ionnsramaid do bhoireannaich a bh'innte bhon a lean móran bhoireannach cleas Marie Antoinette ann a bhith a' gabhail ùidh innte.
 
A-thaobh '''Aeolian harp''' (clàirseachclàrsach gaoithe), '''autoharp''' neo cumadh sam bith den '''liora''' neo '''ciothara''', chan e clàirseachanclàrsachan a th' annta seo air sgàth s nach bi na teudan aca ag éirigh gu dìreach a cuim na clàirsiche. Bidh na teudan aca seo a' dol tarsainn na cuime agus mar sin buinidh na h-ionnsramaidean seo dhan ghné-orghain zither, mar a bhuineas agus pianoforte is harpsichord.
 
Ann an ceòl nam Blues, canar ''Blues harp'' ris a' harmonica ach chan e orghan teudach a th' innte sin nas motha ach orghan gaoithe.
 
Thathar a' cur an ceann gun d'thàinig an t-ainm '''clàirseach'''clàrsach bho na faclan '''clàr shoileach''' ach chan eil anns an seo ach beachd. Gur math a dh'fhaodte gu bheil am facal togte as an fhacal ''clàr'' agus an leasachan ''-seach'' a tha a' dèanamh an fhacail ''clàr'' boireanta. Leanadh seo seann chleachdadh a chìthear ann an ainmean mar Ròinseach (Rònan ach do bhoireannach) neo Finnseach (Fionn ach do bhoireannach).