Jump to content

Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh

O Uicipeid

‘S e Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh a’ bhuidheann a tha air a thaghadh le sluagh na dùthcha, a tha a’ deasbad phoileasaidhean, ag aontachadh laghan a bhios a faighinn buaidh air a’Chuimrigh agus a cosg airgid a tha air thoirt seachad le riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte. Chaidh an Seanadh a stèidheachadh ann am 1999 as dèidh referendum ann an 1997.

Tha 60 buill anns an t-Seanadh. Tha 40 dhiubh a riochdachadh roinnean-taghaidh fa leth, agus càch air a thaghadh bho chòig roinnean a rèir siostaim riochdachaidh cho-roinneil.

Thèid buill an t-Seanaidh a thaghadh airson greise ceithir bliadhna. Chaidh an taghaidhean a chumail ann an 1999, 2003 agus 2007.

Thèid cumhachdan gnìomhach an t-Seanaidh a thiomnadh do Phrìomh-Mhinistear an t-Seanaidh. Bidh esan a’ toirt uallach air ministearan Riaghaltais an t-Seanaidh, dleastanais ghnìomhach a cho-lìonadh. ‘S iad sin an caibineat. Thèid gnìomhan an t-Seanaidh fhèin a stiùireadh leis an Oifigear Riaghlaidh a tha fhèin na bhall dhen t-Seanadh. Cumhachdan reachdachaidh

Chaidh cumhachdan a dhèanamh laghan taobh a-staigh raointean sònraichte a thiomnadh aig toiseach an treas Sheanadh anns a’ Chèitean 2007, fo Achd Riaghladh na Cuimrigh 2006.


Naisg a-mach

[1]Làrach-lìn an t-Seanaidh [2]Làrach-lìn Riaghaltas an t-Seanaidh